Caitlin
Prìseal o là-breith,
Na tìodhlac àraid,
Bha i an gràdh
Air a h-àrach.
Falt ruadh àlainn,
Suilean chruth-àmoin,
Maoth mìn a làmhan,
‘S a gàire
Bu chaomh leatha ceòl,
Rùintean is sgeòil,
Òrain is spòrs,
Is a càirdean.
Móran de chalmachd,
Móran de thlachd,
Móran de dhanarrachd
‘s àgh aice.
Ach dh’ fhàg i ro thràth,
Na h-àilleag a’ fàgail,
Na làthair cho sàmhach,
cho làidir.
Feumalachd sònraichte,
Cròmasom a’ còrr,
Bana-phrionns’ bhòidheach
Gu bràth.
Prìseal o là-breith,
Na tìodhlac àraid,
Bha i an gràdh
Air a h-àrach.
Falt ruadh àlainn,
Suilean chruth-àmoin,
Maoth mìn a làmhan,
‘S a gàire
Bu chaomh leatha ceòl,
Rùintean is sgeòil,
Òrain is spòrs,
Is a càirdean.
Móran de chalmachd,
Móran de thlachd,
Móran de dhanarrachd
‘s àgh aice.
Ach dh’ fhàg i ro thràth,
Na h-àilleag a’ fàgail,
Na làthair cho sàmhach,
cho làidir.
Feumalachd sònraichte,
Cròmasom a’ còrr,
Bana-phrionns’ bhòidheach
Gu bràth.